Saturday, 2 March 2013

Gàidhlig Ghlinn Urchaidh


Gàidhlig Ghlinn Urchaidh

The Gaelic of Glen Orchy and environs!

TOSGAIR óg ùr anns an DROITSEACH!

Another young TOSGAIR is revealed!

Tha sinn eagallach toilichte fàilte cheart a chur air cuideigin a tha air a bhith ag obair gu dicheallach gun stad agus a' chuid as motha den ùine aig cùl a' ghnothaich an seo aig DROITSEACH bho cheann dà bhliadhna agus sinn a' cur na h-iomairt air a cois....

We are extremely pleased to give a proper welcome to someone who has been working diligently non-stop and mostly behind the scenes here at DROITSEACH for the last two years while we have got this project on her feet....

'S e ar deagh charaid Críostóir Piondargás -an Gille Ruadh mar a th' againne air- a tha 'nis a' tighinn am follais mar THOSGAIR Ghlinn Urchaidh agus gabhaidh e gnothach ri taobh Tuath Loch Obha, Dail Mhàillidh agus Taigh an Droma cuideachd, le cas ann an Arra-Ghàidheal agus cas an sgìre Pheàirt....

It is our good friend Chris Pendergast -the Red Laddie as we call him- who has come to the fore as TOSGAIR for Glen Orchy and will also take to do with the north Loch Awe, Dalmally and Tyndrum areas, with a foot planted in Argyll and the other in Perthshire....

Ged is ann à Éireann a bha a' chuid a bu mhotha de shinnsirean Chríostóir, 's ann à sìol nan Dòmhnallach à Sgireachd Pheàirt a tha e taobh a mhèathair agus tha ceanglaichean aige ri na Griogairaich cuideachd a bha ri fhaicinn gu cunbhalach anns an dùthaich ud bho cheann nan linntean....

Although Chris' people came for the most part from Ireland, his mother's side sported MacDonalds from Perthshire and he also has links to the MacGregors who were of course to be seen regularly in that country throughout the centuries....

'S ann do Dhail Mhàillidh a chaidh Críostóir agus e na ghille airson làithean-saora. Tha e air a bhith a' dèanamh cheanglaichean ri muinntir na dùthch' às ùr bho cheann bliadhna no dithist agus ged a dh' ionnsaich e Gàidhlig Arra-Ghàidheil bhuam-sa an tóiseachd, a' ciallachamh gu bheil blas car Comhghallach air, tha e air a bhith ag obair an dà-rìreamh bho cheann beagan seachdainean air Gàidhlig Ghlinn Urchaidh a thogail, rudaigin a ghlacas aire bhon t-seo air aghaidh....

It is to Dalmally that Chris went on holiday as a young boy. He has been making connections again with the people of the area over the last year or two and although he learnt his Argyll Gaelic from me in the first instance, meaning that his accent is decidedly that of Cowal, he has been working in earnest for the last few weeks to lift the accent of Glen Orchy, something which will very much be keeping his attention from here on in....

Chan e ach TOSGAIR th' ann an Críostóir gu dearbh. Fhad 's a tha e air a bhith ag obair còmhla ruinn, thug e ach smaoin a bh' agam agus aig Seumas mór agus thionndainn e na shuidheachantas e -a chì sibh mar phrìomh dhealbh againn. Tha e air a bhith ag obair air làrach-lìn don bhuidheann agus cuideachd cairt-dùthcha a ghabhas ùisneachamh airson crìochan nan dualchainntean agus TOSGAIREAN a dhealbhamh....

Chris is not just a TOSGAIR of course. While he has been working with us, he took just an idea of mine and big Seumas' and made it into our logo -which you can see there as our profile picture. He has been working on a website for the organisation and also on an interactive dialect map to illustrate the spread of our dialects and TOSGAIREAN.....

Ach aig a' cheann thall, 's ann ann an cànan nan Gàidheal a gheobh thu ùidh Chríostóir agus ged a bhruidhneas e cuid mhath de Fhrangais, tha beagan Gaeilge aige cuideachd. Bithidh e fortanach gu dearbh agus e toirt aire ri Gleann Urchaidh, leis gum bith bàrdachd Dhonnchaidh Bhàin ri leughamh gun eagal an e cainnt an àite a th' ann! Cha bhith tuillidh 's a' chòir dhuinn ann leis am bith an seòrsa buaidh sin agus sinn ag ionnsachamh dualchainnt....

But at the end of the day (at the far end), it is in the language of the Gael that you will find Chris' interest and although he speaks a fair bit of French he also has a little Irish Gaelic too. He will be fortunate indeed while he looks to Glen Orchy, given that the poetry of Duncan Ban MacIntyre will be available to read with the impunity of knowing it's certainly the local variety of Scottish speech! There won't be too many of us who will have this kind of advantage when learning our dialects....

'S mar sin, theaga gu bheil sibh air ur tarraing thun an àite airson aobhar air choireigin, gu bheil ùidh mhór agaibh ann am bàrdachd Dhonnchaidh Bhàin agus bhitheamh sibh airson bruidhinn Gàidhlig coltach ri na bh' aige-san, no gu bheil sibh a' fanachd anns an dùthaich fhéi' agus tha sibh daonnant air a bhith ag iarraidh tuillidh ionnsachamh mun cuairt air a' Ghàidhlig fa' bheil sibhse.

So perhaps you are attracted to the area for some reason or other, you have a great interest in Duncan Ban's poetry and you like the idea of speaking a similar kind of Gaelic to what the bard himself spoke, or you live in that country and you have always been wanting to find out more about the local Scottish language where you are.

Tha Críostóir air a bhith ag obair le dithist bhalach à Sgìre Pheàirt airson an cuideachamh thun tuillidh ionnsachamh air Gàidhlig na dùthcha. Bithidh e gabhail a' cheart ghnothaich ri Arra-Ghàidheal an Ear-Tuath. Ged a tha a' chànan a-nis marbh -is truagh leam a ràdh- cuir fios gu Críostóir: tha e-san air a' cheart rathad 's a tha sibhse agus bu mhath leis cluinntinn bhuaibh gu mór!

Chris has been working with two lads from Perthshire to give them a helping heand towards learning more about the language of the area. He'll be doing the same thing with north-eastern Argyll. Although the language is now moribund, I am sad to say, drop Chris a line: he's on the same road as you are and he would very much like to hear from you!

Gu math a théid leat a laoich!

Let it go well with you sir!

-
Àdhamh Ó Broin
Comhghall 's Meadhan Arra-Ghàidheil
adhamhobroin@gmail.com

Críostóir de Piondargás
Gleann Urchaidh,
Dail Mhàillidh
's Taigh an Droma
gilleruadh@gmail.com

No comments:

Post a Comment