Wednesday, 27 February 2013

TOSGAIR Leódhais an Iar-Thuath

Tha sinn air faodainn a-mach à Arra-Ghàidheal mu dheireamh thall!

We finally got out of Argyll!

Nach cuir sibh fàilte mhór chrìdheil air Catrìona Anna NicAoidh agus cothrom tuillidh ionnsachamh mun cuairt air dualchas agus cànan Leódhais an Iar-Thuath!

Please give a very warm welcome to Catrìona Anna NicAoidh and the opportunity to learn more about the heritage and language of North-west Lewis!

Thachair sinn air Catrìona bho cheann beagan mhìosan ann an Glaschu agus 's e an rud a bhuail ormsa gun robh i airson Gàidhlig a bhruidhinn o mhoch gu dubh coltach ruinne, rud air nach do thachair mi ro bhitheanta am measg nan Gàidheil óga. Shaoil leam aig an àm sin: nuair a chuireas sinn DROITSEACH air a chois, 's e Catrìona h-aon de na TOSGAIREAN againn!

We met Catrìona just a few short months ago in Glasgow and the thing that struck me was how much she was up for speaking Gaelic, from dawn until dusk really just like us, something you don't meet often among young Gaels. I thought to myself at the time: when we get DROITSEACH going, this lassie's a shoo-in as a TOSGAIR!

Leis gun ann à dùthaich far a' bheil Gàidhlig beò air beul an t-sluaigh a tha Catrìona, 's e suidheachamh eadar-dhealaichte a th' ann an comas ri Comhghall no Gallaibh no àiteachan eile far nach eil luchd-labhairt dùthchasach air fhàgail. Cha do thagh sinn Catrìona bho is i an neach-labhairt as fheàrr a gheobhamh tu, no bhon a tha ceum aice ann an Gàidhlig, no gas mar sin; thagh sinn Catrìona bhon a tha i cho misneachail agus bhon a tha i sealltainn air Gàidhlig seach mar cùis-nàire, ach cùis-pròis! Chan fhaigh thu sin a h-uile latha, fiù 's aig an fhaing!

With that Catrìona is from an area where Scottish speech is still very much on the lips of the people, we are in a very different situation from that of Cowal or Caithness or any other place where our language has no native speakers. We didn't ask Catrìona to be a TOSGAIR because she is the best Gaelic speaker in the whole district, or because she has a degree in Gaelic studies or anything like that; we wanted her on board because because she is a passionate speaker who looks at her Gaelic ability not as a matter of shame, but as a matter of pride! You won't get that every day, even at the fank!

'S mar sin, mas ann à Leódhas an Iar-Thuath a bha no a tha ur sinnsearan, mas e 's gu bheil thu fanachd anns an dùthaich, no mas e 's gu bheil thu toigheach air cainnt na dùthcha bhòidheach ghaothach sin, bruidhinnibh rithe agus tóisichibh air Gàidhlig na sgìre a neartachamh le bhith cur suim ìnnte.

So if you're people were or are from North-west Lewis, if it's that you live in the area, or if it's that you are fond of the language of that beautiful windy country, speak to Catrìona and together you can start to help strengthen the Scottish language in the area by giving it the attention it deserves.

Suas le Gàidhlig Leódhais!

-
Àdhamh Ó Broin
Comhghall
Catrìona Anna NicAoidh
Leódhas an Iar-thuath
catrionanicaoidh@gmail.com

No comments:

Post a Comment