Wednesday, 27 February 2013

TOSGAIR Latharna

Tha sinn uamharraidh toilichte an naigheachd a thoirt seachad gu bheil Màiri (Alison) Ní Dhorchaidhe air an t-uallach a thogail chum Gàidhlig Latharna a thoirt air aghaidh anns na bliadhnaichean ra tha romhainn.

We are awfully pleased to announce that Màiri Ní Dhorchaidhe has taken on the ambassadorship for the Scottish language of Lorn and the promotion of the dialect in the years that lie before us.

Chan eil ach dithist anns an dùthaich air fad a-nis a tha fileanta ann an dualchainnt an àite agus tha sinn air a bhith toirt sùil gheur air an taobh dheas de Arra-Ghàidheal a Tuath bho cheann bliadhna a-nis airson taic a chur ri Iain MacPhàrlain ann an Taigh an Uillt.

There are but two people now resident in the region as a whole who are fluent in the dialect of the area and we have been keeping a close eye on the south part of North Argyll for about a year now in order to support the efforts of John Macfarlane of Taigh an UIllt.

Tha Àdhamh air a bhith toirt seachad beagan goistidheachd do Mhàiri agus i ag ionnsachamh Gàidhlig Chomhghaill anns an eadar-ama, ach tha i a-nis tuillidh 's deis togail oirre thun Taigh an Uillt gu bitheanta airson cànan, òrain, bàrdachd, eachdraigh agus beul-aithris -dualchas gu dearbh- na dùthcha ionnsachamh chum a ghléidheal mar bu cheart airson an ginealaich ri thighinn.

Àdhamh has been assisting Màiri in learning the Cowal dialect in the meantime but she is now entirely ready to take on the mantle of visiting Taigh an Uillt and surrounding area as often as possible in order to place her research into the language, song, poetry, history and folklore -DUALCHAS indeed- of the area and preserve its heritage in an active fashion for the generation to come.

Gum math a bhitheas tu a charaid agus na mìle taing airson na chuir thu ris na bha sinn dèanamh ann an Comhghall.

I wish Màiri all the very best with this and a thousand thanks for what she gave to the work I am doing in Cowal.

Tha TOSGAIR do Latharna a-nis, nach cuir duine sam bith aig a' bheil beachd tuillidh ionnsachamh air an dùthaich fios gu Màiri agus cuidichidh sin i le na bheireas i roimhche a thaobh rannsachamh.

Lorn now has an ambassador, but she -like all of us here at DROITSEACH- will be feeling her way along, so if anyone has anything they want to contribute, ask, learn, let her know and this can help steer her research in the area.

SUAS LEIS A' GHÀIDHLIG! :)
Màırı Ní Ḋorċaıḋe
Latharna a Deas
mairiruadhnidhorchaidhe@outlook.com

No comments:

Post a Comment