Wednesday, 27 February 2013

Sgoil Eòlas na h-Alba

'S e latha air leth a chaidh a chur seachad an-diugh ann an Sgoil Eòlais na h-Alba. Bha mi ag éisteachd ri Gàidhlig à Cnapdail, Cille Mhàrtainn agus an Àpainn.

A great day spent listening to recordings at the School of Scottish Studies. Knapdale, Kilmartin and Appin all in there.

'S e na fhuair mi de bheachd à sin, mar a bha mi an dùil, gun robh a' Ghàidhlig bho Chreag Innis gu Comhghall agus bh
o thaobh dheas Loch Obha gu ceann deas Cnapdail, co-ionnain ach a thaobh facal no dithist an seo 's an siud.

What I gleaned from my visit was something I had strongly anticipated, that the Scottish language of Argyll south of Lorne and north of Kintyre, was identical, save for a few words.

Bhitheamh a' cheart Gàidhlig ga bruidhinn ann an Comhghall, Taobh Loch Fìn deas air Inbhir Aora, Cnapdail air fad, Cille Mhàrtainn, taobh deas Loch Obha agus Creag Innis. Tha mi cinnteach gun faodar sealltainn orra mar dhualchainnt air leth agus gun reachamh ath-bheòthachamh dhiuch còmhla gun dragh a thaobh blas 's a' chuid a bu mhotha de bhriathrachas.

Tha same Scottish speech would have been found in Cowal, Lochfyneside south of Inveraray, Knapdale as a whole, Kilmartin, the south end of Loch Awe and Craignish. I am now certain that these places taken together housed a specific dialect which could be resurrected as one without a problem in terms of accent and the greater part of vocabulary.

Cha bhitheamh tuillidh feum againn ach air faclan sònraichte a reachamh a chur ris a' chànain fa leth....

We would need nothing other than 'plug-ins' so to speak for extra vocabulary specific to particular areas within this....

Tha an rathad crioman nas giorra a-nochd ann an Dail Riata!

The road is a little shorter in Dalriada tonight!

-
Àdhamh
Comhghall 's Meadhan Arra-Ghàidheal

No comments:

Post a Comment