Thursday, 28 February 2013

Looking back on Badenoch Week!

Ar beannachd air Màirin mhór!

Looking back on Badenoch Week!

An deidh beagan làithean, tha mi fhathast air mo dhòigh le na chunnaig mi an t-seachdain seo chaidh aig DROITSEACH. Bha seachdain Bhàideanach gasta air fad agus 's mairg leam gu bheil e a-nis seachad!

After a few days, I'm still feeling delighted with what we saw last week at DROITSEACH. Badenoch week was just excellent altogether and I consider it a great shame that it had to come to an end!

Ach, mar a thig oirnn uile, tha beatha làitheil air gairm air Màirin a-rithist agus tha sinn a-nis am feum smaoineachamh air an ath thaisbeanamh a bhitheas againn. Ma tha beachdan agaibh air sin, air cuideigin a bhitheamh nan deagh THOSGAIR, no smaointean sam bith eile, nach cuir sibh gar n-ionnsaigh ead? :)

But, as with all of us, everyday life has called Maureen back again and we must now think about what we'll focus on next here at the page. If you have ideas on that, on someone who would be an excellent TOSGAIR, or other any thoughts, could you please share those with us? :)

'S urrainn dhomh bruidhinn as leth Mhàirinn le bhith ag ràdh gum bitheamh i uamharraidh toilichte cluinntinn bho dhuine sam bith a bhitheamh airson a cuideachamh le Gàidhlig Bhàideanach. Cuir fios ga h-ionnsaigh an seo, no gu: maureen.hammond70@gmail.com

I know that I can speak on behalf of Maureen when I say that she would be absolutely delighted to hear from anyone willing to help with the resurrection of the Badenoch dialect. Get in touch with her here, or e-mail to: maureen.hammond70@gmail.com

Co-dhiù, shin agaibh mar a tha an saoghal aig DROITSEACH a-nochd. Gur math a bhitheas sibh uile!

Well, there you have the world according to DROITSEACH tonight. Be well all!

-
Àdhamh Ó Broin
Comhghall 's Meadhan Arra-Ghàidheil
adhamhobroin@gmail.com

No comments:

Post a Comment