Thursday, 28 February 2013

Gàidhlig na Còigich




Gàidhlig cho math 's a chluinnear an àite sam bith. Faigh an leabhar, leugh e agus éist ri na clàran aig an aon àm....

Scottish speech as good as you'll hear it anywhere. Get the book, read it and listen to the recordings at the same time....

Bhuail e orm gu mór cho làidir 's a bha Gàidhlig Mhurchaidh Iain MhicIlleathain. Bha i loma-làn gnàthasan-cainnte agus cha mhór gun bhuaidh bhon Bheurla idir....

It struck me greatly how strong Murdo John MacLean's Gaelic was. It was full up with idiom and almost without trace of influence from English language....

Ged a chaidh an leabhar seo fhoillseachamh, dé a' bhuaidh a thug seo air Gàidhlig na Còigich? An do dh' fhàg e dileab air bith?

Although this book was published, what effect did this have on Còigeach Scottish? Did it leave any kind of legacy?

Saoil am b' urrainn dhuinn cuideigin fhaodainn a bheireamh aire don dualchainnt agus a dh' ùisneachamh an leabhar seo agus na clàran a reinn an laoch beag ud, Calum MacIlleathain à Ratharsaigh, mar chlach an oisein de THOSGAIREACHD Chòigeach?

I wonder whether we could find someone who would take an interest in the dialect and who would use this book and the recordings that Calum MacLean of Raasay made, as the cornerstone of Còigeach TOSGAIREACHD?

Ge 'r bith cho math 's a tha an leabhar, chan eil luach sam bith ann aig a' cheann thall mur an dèan cuideigin rudaigin leis an obair a chaidh a dhèanamh agus a thàinig gu crìoch ann an 2005....

However good the book is, it has no worth whatsoever at the end of the day (at the far end) if no-one does anything with the work that was done and came to an end in 2005....

Tha sinn am feum ar beachd atharrachamh a thaobh mar a dhìonas sinn a' Ghàidhlig. Chan eil an dòigh a th' oirnn 's sinn a' feuchainn ris ar dualchas a ghléidheil gu math tàbhachdach ....

We are in need of changing our attitude towards protecting the Scottish Gaelic language. The way that we go about 'preserving' our culture is not particularly effective....

Gu dearbh, 's e sin fa' bheil an dragh air fad. Bithidh sinn a' cur seachad tuillidh 's a' chòir de ùine fhathast, a' feuchainn ri dealbhan tarraingeach a thogail, clàran iongantach a dhèanamh agus leabhraichean mun cuairt air a' chùis a sgrìobhamh....

Indeed, it is there that the problem lies. We still spend far too much time trying to take attractive photographs, make interesting recordings and write books about the subject....

'S e an fhìrinn ge-tà, gum bitheamh ar n-ùine air a deagh ùisneachamh le bhith cur seachad ar làithean fo riochd ar dualchas, leis na dualchainntean air ar teangan, na h-òrain às ar beòil agus an sean dòigh gar stiùireamh....

The truth however, is that our time would be very well used by spending our days 'living our heritage', with the dialects on our tongues, the songs never off our lips and the old way guiding us....

Cùin a chuireas sinn stad air sealltainn air dualchas na h-Albainn mar thaisbeanamh air choireigin, mar gu bheil sinn sgàraichte bhuaithe? Fhad 's a bhitheas sinn a' sealltainn air 's a' beachdachamh air, tha e dol à bith....

When will we put an end to regarding the heritage of Scotland as an exhibition of some kind, as if we are separated from it somehow? While we watch and ponder it, it disappears....

Ma bhitheas sibh 'g aontachamh leam, nach roinn sibh seo airson a' bheachd seo a sgaoileamh!

If you agree with me, please share this status that we might spread the word on this!

Gum math a bhitheas sibh!

Let you be well!

-
Àdhamh Ó Broin
Comhghall 's Meadhan Arra-Ghàidheil
adhamhobroin@gmail.com

No comments:

Post a Comment