Thursday, 28 February 2013

Gàidhlig Bhàideanach

Gàidhlig Bhàideanach!

The Gaelic of Badenoch!

Nach buidhe dhuinne aig DROITSEACH gu ruig seo ann an 2013! Tha sinn air fàilte a chur air Deòrsa aig a bheil deagh Ghàidhlig Dhiùra agus a-nis tha sinn air a' chiad deò den lasair ann am Bàideanach fhaicinn agus TOGSAIR ùr, misneachail a' gabhail an rathaid a dh' ionnsaigh beatha ùir airson Gàidhlig anns an dùthaich.

Aren't we lucky here at DROITSEACH so far in 2013! We have welcomed the fine Jura Gaelic speaker George Jones and now we are seeing the first spark of flame in Badenoch as our passionate new TOSGAIR begins on her journey to revive the Scottish language of that area.

Nach cuir sibh fàilte air Màirin mhór Uilleim à Ceann a' Giubhsaich a dh' ionnsaich beagan Gàidhlig an tóiseachad anns a' bhun-sgoil. Thug i Gàidhlig os làimh aig an àird-sgoil agus aig an oilthigh cuideachd agus chinn an aire a thug ris ar cainnt 's ar dualchas fad na h-ùine an sin.

Please welcome Maureen, daughter of William and native of Kingussie. She first learned Gaelic at primary school there, continuing this through High School and at University and her love of our language and culture has only grown stronger through the years.

Ged nach b' urrainn d' a pàrantan Gàidhlig an àite a bhruidhinn, bha 'd a' cur suim mhór ann an rudan Gàidhealach agus sean-chuimhneach. Bho cheann tacain, tha Màirin air a bhith feuchainn ris a cuid Gàidhlig a thoirt air aghaidh, gu sònraichte na gheobhas i de chainnt na dùthcha.

Although not native speakers, her parents were passionate about Gàidhlig and traditional culture. Maureen has in the last while been furthering her knowledge of the Scottish language especially the Badenoch dialect.

'S e na th' aice de dhùil, gum bith i comasach uair no uaireigin dualchainnt a dùthaich a bhruidhinn gu fileanta agus tha i air a bhith rannsachamh na cànain chum tuillidh fios a bhith aice air na bh' ann de dh' fhaclan 's gnàthasan sònraichte Bàideanach, rud nach eil furasta leis nach eil againn ach cuimhne air 's clàran den dualchainnt an-diugh.

She hopes that one day she will be able to speak the dialect of her homeland fluently and has been researching the language in order to acquire more knowledge on what especially Badenoch features and words were present, no mean task given that nought but memories and recordings of the spoken dialect now remain.

Aig a' cheann thall, bhitheamh Màirin air a dòigh nam b' urrainn dhith Gàidhlig Bhàideanach a thoirt air ais beò, ge bu bheag theaga an sluagh a bhitheamh ga bruidhinn. Ré ar beachd an seo aig DROITSEACH, 's e seo an dearbh rud ris a bheil sinn airson taic a chur. Tha Màirin brath gu bheil cainnt Bhàideanach mar clach an oisein don dòigh a th' oirre agus don cheangal a th' aice ris an dùthaich agus shin agaibh a' cheart mothachainn a thug oirnn DROITSEACH a stéidheachamh anns a' chiad dol a-mach.

With a view to resurrecting it in her own small way, Maureen would be thrilled if she managed to bring other people interested in the dialect into this project. As we see it here at DROITSEACH, this is exactly the sort of thing we wish to support. Màirin views the Badenoch speech as a vital part of her identity and connection to her homeland and the fostering of this spirit is precisely what caused us to establish DROITSEACH in the first place.

Agus ma tha sibh coltach rium-sa agus beagan eòlas air Gàidhlig an àite a dhìth oirbh, bithidh an TOSGAIR ùr againn a' toirt seachad na darna 'seachdain-dualchainnt' air ar son gu h-aithghearr. Chòrd na thug Griogair Labhruidh dhuinn de Ghàidhlig Bhaile Chaolais gu mór agus an t-seachdain seo tighinn, feuchaibh gum bith sibh uile ag arachd na duilleige airson na thig gu bàrr de Ghàidhlig Bhàideanach. Bithidh Màirin a' toirt dhuinn measgachamh de dhealbhan, faclan, gnàthasan-cainnt agus eachdraigh pearsanta le cuideachamh bho Sheumas Ghrannd a tha air iomamh bhliadhna a chur seachad a' rannsachamh nan dualchainnt.

And if you are anything like me and lack knowlegde on the Scottish tongue of Badenoch, our new TOSGAIR will be taking to the page from Monday to bring us our second 'dialect-week'. We thoroughly enjoyed out trip to Ballachulish with Griogair Labhruidh and this week coming, make sure you are all watching this space as Maureen shares with us some interesting points of Badenoch Gaelic as well as her own pictures and personal history connected with the area. With help from Seumas Grannd who has been researching Scottish dialects for years, we'll hear about how Badenoch Gaelic differs from other dialects.

Fàilte ort a charaid! Nach sinn tha toilichte gu bheil am bratach air a thogail anns an dùthaich bhòidheach agad fhéi'! Suas le Gàidhlig Bhàideanach!

Welcome friend! We are most pleased to see the flag raised in your own beautiful country! Up with the Badenoch Gaelic!

-
Àdhamh Ó Broin
Comhghall
Màirin Mhór Uilleim
Bàideanach
maureen.hammond70@gmail.com

No comments:

Post a Comment