Thursday, 28 February 2013

Gàidhlig Arra-Ghàidheil anns an taigh-dhealbh! Argyll Gaelic on the big screen!


Gàidhlig Arra-Ghàidheil anns an taigh-dhealbh!

Argyll Gaelic on the big screen!

Fhuair Gàidhlig Arra-Ghàidheil a' chiad pàirt riadh ann an dealbh a chaidh a shealltainn don phoblachd anns an GFT ann an Glaschu an-dé....

The Scottish language of Argyll found it's way for the first time ever into a cinematic production which was shown yesterday to the public at the GFT, Glasgow....

Bha TOSGAIREAN Àdhamh Ó Broin agus Griogair Labhruidh anns an deilbh agus bha Iain MacPhàrlain à Taigh an Uillt ri fhaicinn cuideachd....

TOSGAIREAN Àdhamh Ó Broin and Griogair Labhruidh featured in the film, as did John MacFarlane of Taynuilt....

Ged nach cluinn thu Gàidhlig anns a' chrioman gu h-ìseal, bha sinn gu math toilichte gun d' fhuair dualchainnt na dùthcha deagh phàirt anns an deilbh fhéin....

Although you'll not hear Gaelic in the trailer below, we were very pleased that the Argyll dialect featured well in the film itself....

Tha sinn an dòchas gun cuidich an dealbh cùis nan dualchainnt a thoirt air aire an t-sluaigh ann an Alba, a' cur d' an cuimhne nach eil Gàidhlig air a deagh riochdachamh leis a' Chainnt Chumanta a-mhàin....

We hope that the picture will help bring dialect issues into the minds of Scottish people, reminding them that the Scottish language cannot be properly represented by the Standard Tongue alone....

Bithidh 'We are Northern Lights' ri fhaicinn ann an taighean-dealbh bho cheann gu ceann na dùthcha gu h-aithghearr....

'We are Northern Lights' will be on general release in cinemas throughout the country soon....

No comments:

Post a Comment