Wednesday, 27 February 2013

Còmhradh mun cuairt air an fheadhainn mu dheireamh

Còmhradh mun cuairt air an fheadhainn mu dheireamh às an Apainn aig an robh Gàidhlig le Pàraig MacNeacailll à Port na h-Apann....

A conversation with Paddy MacNicol of Port Appin about the last speakers of the Appin dialect....

Àdhamh:
"Tha mi a' feuchainn ri beagan de eòlas a thrusamh air na luchd-labhairt mu dheireamh anns an Apainn. Cùin a shiubhail ead uile?"

Pàraig:
"Bha Gaidhlig aig Clann MhicAonghais aig Druimnahurich ann am Port na h-Apann, croit beag direach air cul na taighean ura far an robh t' athair a' fanachd"

Àdhamh:
"O tha mi tuigsinn"

Pàraig:
"Bha da phiuthar agus brathair a' fuireachd ann, shiubhail na peathraichean trath 's na 1960s agus shiubhail Domhnall am brathair ann an 1966, 's e Domhnall Tuairnear a theireadh iad ris (dh' fhaoidte gur e tuairnear a bu cheaird do athair?) Chan eil fhios agam. B' e aon do na peathraichean, Bella, an tidsear aig Sgoil Phort na h-Apann, tha mi smaoineachd gur e 'MacGinty' a theireadh iad rithese, ge b' e carson chan eil fios no forfhais agam.

Ri m' chuimhne fhein b' e fear a bha cairdeach dhaibh, ann an rathad air choireigin, Aonghas MacCoinnich a bha comhnaidh ann an Druimnahurich, tha mi smaoineachd gur ann a Luing a bha esan agus cho fad is fiosrach mi bha Gaidhlig aige cuideachd, shiubhail esan ann an 1989 tha mi smaoineachd"

Àdhamh:
"O seamh? Dè mun cuairt air na Collaich, a bha nam pàirt den t-'Survey'?""

Pàraig:
"Shiubhail Sam MacColla ann an 1965, bha e 88 bliadhna a dh' aois, shiubhail a bhean Mairi bliadhna roimhid sin, 's e Ban-Sgitheanach a bh' inntese.

Shiubhail Mrs MacColla, Port na Croise (a rinn an survey le Tony Dilworth ann an 1955) ann an 1973, bha i 80 bliadhna a dh' aois, shiubhail an duine aice ann an 1957 no 58, tha mi a' smaoineachd. Bha Gaidhlig aigesan agus 's e fear a mhuinntir an aite a bh' ann cuideachd.

Bha Gaidhlig aig mathair Ailig agus Seonaidh MacCorcadail, Inbhir Pholla, shiubhail ise ann an 1981 (sinn-seanmhair Joy Dunlop).

Tha mi smaoineachd gun robh Gaidhlig aig Bobby the Post (Bobby Mac a' Mhaolain) agus aig a phiuthar Morag, shiubhail iadsan trath 's na 1970s, bha iad a' fanachd aig Bioran Dubh, tha an taigh san robh iad a' comhnaidh 'na larach an diugh, tha e aig braigh a' bhruthaich, direach mun ruig thu am Manse"

Àdhamh:
"Gu dearbh. Agus dé mun cuairt air an fheadhainn a chlàraich David Clement, tuillidh air Ciorstan Chamshron?"

Pàraig:
"Tha mi cinnteach gun do thachair e air cuid de na Rosaich cuideachd, 's e teaghlach mor a bh' anntasan anns an Apainn agus bha coignear dhiubh fhathast beo anns na 1970s co-dhiu. Shiubhail Tommy ann an 1982, Hugh ann an 1985, Domhnall ann an 1988, agus Morag ann an 1991, bha brathair eile ann Iain ach chan eil fhios agam cuin a shiubhail esan. Bha Gaidhlig aca uile.

Bha cuideachd fear eile ann aig an robh Gaidhlig dar a bha mise beag, Ailean Mac an Leigh, bha esan a' fuireachd ann an Gleann Crearan ach chan eil mi idir cinnteach an ann don Apainn a bhuineadh e, shiubhail e ann an 1991, 's e duine fiosrach a bh' ann"

No comments:

Post a Comment